An Gealbhan

If you are in Glasgow on a Friday night, go and check out An Gealbhan for a night of Scottish Gaelic music and banter!

Àdhamh Ó Broin on board as new AN GEALBHAN MC!

An t-seachdainn seo, cuiridh sinn fàilte chridheil air Fear-an-Taighe ùr againn Àdhamh Ó Broin agas bheir sinn soraidh slàn le Crìostair 's Màiri, gead a bhitheas iad fhathast a' tighinn a chéilidh oirnn gu bitheanta!

This week, we give a very warm welcome to our new MC, Àdhamh Ó Broin and we bid farewell to our previous hosts Chris and Alison, altho they'll still be joining us regularly for a céilidh or two!

Tha Àdhamh air a bhith an sas ann an gnothach A' GHEALBHAIN bhon a thóisich e, ach cha robh an cothrom aige dleastanas mór a ghabhail ris gus an ceartair fhéin.

Àdhamh has been involved in goings-on at AN GEALBHAN since it began, but he hadn't the opportunity to take a huge amount to do with the running of things until now.

Bithidh cuid eòlach air Àdhamh agas iad a' frithealadh A' GHEALBHAIN fhéin, cuid eile, bithidh iad eòlach air mar theagasgair na Gàidhlig, gu sònraichte an obair a reinn e air son OUTLANDER aig Dealbhan Sónaidh.

Some will know Àdhamh from attendng AN GEALBHAN over the years, others will be familiar with him as a Scottish Gaelic tutor and especially from his work on Sony Pictures' OUTLANDER.

Ann no ás, 's e duine làn òrain, sgeultan, sean-fhaclan 's spòrs a th' ann an Àdhamh agas bithidh e na dheagh Fhear-an-Taighe.

Either way, Àdhamh is a man full of songs, stories, proverbs and fun and he will make a superb "Man of the House".

'S e Gàidhlig Àrra-Ghàidheil a th' aig Àdhamh cuideachd 's mar sin, ma tha ùidh agad ann an cluinntinn dhualchainntean nan Gàidheal, 's e cothrom air leth a tha seo bruidhinn ri neach-labhairt sar-fhileanta ann an cainnt dùthaich a dhachaigh.

Àdhamh also speaks Argyllshire Gaelic and so, if you have interest in hearing different dialects of Gaelic, this will be a particularly good opportunity to converse with someone who is as fluent as it gets in the language of his home country.

Gu dearbh, ma 's e neach-amhrac OUTLANDER a th' annad agas dualchas nan Gàidheal a dhìth ort, tha cothrom agad a-nis gach seachdainn tighinn a chéilidh air A' GHEALBHAN air son tachairt ris an duine fhéin gu pearsanta!

Indeed, if you are an OUTLANDER fan and you fancy delving into the heritage of the Gael, you now have the opportunity every week to come a-ceilidhing to AN GEALBHAN to meet the man in person!

Tha sinn an dùil ris ar leòr a dh'oidhcheannan gasta anns na mìosan ri thighinn agas bu mhiann leinn gu mór gun tigeadh sibh gar faicinn ann!

We expect our fill of fantastic nights in the months to come and we would love to think that you would come and visit us there!

'S mar sin, thigibh a-staigh, gabhaibh òran 's gloinn' agas chì sinn ri taobh A' GHEALBHAIN sibh!

So come on in, take a song and a glass and we'll see you at the fireside!

Slàinte mhath!
Cheers!